Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL
A' Ghaoth an-Iar tha Séideadh thar na Mara

A' ghaoth an-iar tha séideadh thar na mara 
     A-nall bho dhùthaich bheairteach Tìr nan Craobh, 
An inn's thu sgeul dhuinn mun mhuinntir a chaidh thairis 
     'S a thriall air astar fada troimh na caoil?

An do dh'ionndrainn iad an càirdean is an dachaigh, 
     Na glinn agus na machraichean 's na raoin, 
Na cluaintean san do ghluais iad òg le caithream 
     Gun smaointean ac' air earras no air maoin? 

Na cnuic agus na gnobain uaine chorrach 
     Far 'm bòidheach dh'fhàsas raineach air gach taobh, 
Far 'm faic sinn cluaran-deilgneach air a' mhonadh 
     'S far an tàmh le sonas a' chearc-fhraoich?

Far 'n cluinn sinn ceòl na cuthaig anns a' chéitean 
     Nuair thilleas i gu Éiseabhal nan stùc: 
Gheibh i mìle fàilt' bho shean is òg ann 
     'S i beòthachadh ar dòchas dhuinn as ùr.

Bu tric a dh'éist an cluas ri gàir na mara 
     Nuair bhristeadh tonnan geala feadh na tiùrr - 
Na tuinn sin rinn an giùlain fad' bho'n eòlas 
     Nuair sheòl iad orr' 'nam fògarraich a-null.

Bha dìsle ann an tathaich an taigh-chéilidh 
     Far an cluinneadh iad na sgeulachdan 's na duain, 
Far na dh'fhiosraich iad an coibhneas anns a' chòmhradh 
     Mu chagailtean an t-sòlais mar bu dual.

Far 'n cluinneadh iad na h-eachdraidhean gan innse, 
     Gach facal air a mhìneachadh dha'n cluais - 
Shloinneadh iad an càirdeas is an sinnsear, 
     A' meòmhrachadh air tìmean fad' air ruaig.

Sheòl iad fada bhuainn air tuinn an t-sàile 
     'S dh'fhàg iad tìr a' chrà-gheòidh as an déidh 
Far 'n éisteadh iad ri ceòlraidh ghrinn na Gàidhlig 
     Ri taobh a' ghealbhain bhlàith 'nan dachaigh fhéin.

Far 'n cluinneadh iad an smeòrach anns a' mhadainn 
     'S an uiseag aotrom ealanta toirt sunnd, 
Guileag eala bhàin a' snàmh air locha 
     Is earrach eil' air teachd gu tìr an fhraoich.

  

Listen to this poem being read by the bard.

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West