Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

  

An t-Seann Chaora

     Sann am Muile nam fuar-bheann 
A dh'àraicheadh suas thu 'nad òig' - 
     Eilean àlainn nan cluaintean 
'S nan cas-bheanntan uaine fo cheò 
     Far bheil creachadh an fhuadaich 
Ann an eachdraidh bhios buan ann an clò 
     Fhads bhios gairge nan stuadhan 
A' bristeadh le nuallan mu 'chòrs.

     Bhon bha gluasad 'nad nàdar 
Dh'fhàg thu gorm-eilean t' àraich air chùl 
     'S ghabh thu d' aiseag gu sàbhailt', 
Tro Chaol Mhuile ann am bàta na smùid; 
     Sann air Uibhist nan crà-ghèadh 
A rinn thu gu dàna do chùrs', 
     'S cha do dh'iarr thu gus fhàgail 
Gu'n deach do thiodhlacadh sàmhach 'na ùir.

     Fhuair thu bliadhnaichean saoghail 
Nach eil tric air a shaoradh dha d' sheòrs': 
     Dh'fhàg siud eòlas aig daoin' ort 
A dh'fhiosraich 'nad aois thu 's 'nad òig'; 
     Bha chlann bheag ort cho déidheil, 
Se bhith 'nad chuideachd a b' aoibhneas dha'n dòigh - 
     Bha togail inntinn cho dlùth dhaibh, 
'S bha d' asgaillean lùthmhor dha d' fheòil.

     Dh'fhàg thu cuimhneachain éibhinn 
A bhios am pàirteachas déine mo smuain, 
     Thug thu deas-ghnàth dha m' inntinn 
A chuir gnùis-bhrat na mùigeachd air ruaig; 
     Tha gach nàbaidh gad ionndrainn, 
Cha robh naimhdeas no diombadh 'nad chuairt, 
     'S gum bu lìonmhor na flùran 
Bhios 'nan àilleachd a' brùchdadh mu d' uaigh.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West