Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

  

Angela

Tha rìbhinn bhòidheach air tighinn as ùr oirnn: 
     Thug i sunnd agus sùgradh dhòmhsa 
Mar ghathan gréine air uchd nan speuran 
     A' fuadach éislein air sgéith an fhògairt.

Ged s àghmhor dìtheinean Beinn Parnassus 
     Bidh ainm an àilleachd gu bràch ri còmhradh: 
A-cheart cho rìomhach tha blàth do shnuaidh-sa - 
     Tha h-uile buaidh ort as dual do dh'òg-bhean.

Chan eil flùr a nì fàs san t-samhradh 
     A nì samhladh dhut ann am bòidhchead 
Mar shòbhrag mhìn-bhuidh' ri taobh an alltain 
     'S grian na Bealltainn le geall ga h-òradh.

Mar dhreach an lon duibh am measg nan cléiteag 
     Tha d' fhalt cho réidh ann an cumadh òrdail; 
Tha blàths an t-samhraidh a' snàmh 'nad ghruaidhean 
     'S tha mhil ga suaineadh an snuadh do bhòidhche.

Mar reul a' deàrrsadh air bhàrr na h-iarmailt 
     Nuair nì a' ghrian a dhol sìos fo sgòthan; 
Mar dhealt a' boillsgeadh cho ciatach rùnach 
     Sa mhadainn ùir am measg fhlùr is ròsan.

Do dheud cho geal ri sneachd san dùbhlachd 
     An glaic is stùc ann am meadhan mòintich, 
Mar fhaoilinn bhàn bhios air bhàrr an t-srùthlaidh 
     Am mealadh sùgraidh air crùn nam bòc-thonn.

Guma slàn a bhitheas tu san dùthaich 
     Gu cridheil sunndach an Gleann na Ceòlraidh - 
Do chadal suaineach air cluasaig chaoin-ghil 
     'S do dhùsgadh saodmhor le gaol is sòlas.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West