Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

  

Ar Crìoch

Se 'n cladh 's an uaigh an dachaigh bhuan, 
     Crìoch ar cuairt air thalamh - 
Sa ghainmhich fhuair, paisgte suas 
     Measg bhòrdan cruaidhe 's anairt.

Cha chluinn sinn onfhadh aig a' ghaoith 
     A' cuimhleadh feadh a' mhachair, 
Cha chluinn sinn monmhair thonn air tràigh 
     Bhon dh'fhalbh gu bràch ar caithris.

Socair sàmhach anns an ùir 
     Tha dùthchasach dha'r cnàimhean, 
Cha dèan an eunlaith le'n cruit-chiùil 
     Ar dùsgadh anns a' mhadainn.

A chuid chaidh seachran air uaigh 
     Tha doimhn' a' chuain a' falach - 
Cha bhi iad leithreachais air càch 
     Nuair théid na sgàilean seachad.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West