|
Chan eil
Sinn gun Sùgradh
Chan eil sinn
gun sùgradh sa cheàrn seo dhen dùthaich,
Bidh m' inntinn-sa dlùthadh gu sunndach gu ceòl
'S gun innis mi san duan dhuibh mu bhòidhche nan cluaintean
'S nan cas-ghleanntan uain' an do ghluais mi 'nam
òig'.
Tha
Éiseabhal stùcach le fraoch air a crùnadh
Toirt seallaidh dha m' shùil a bheir rùintean 'nam
chòir;
Le aibhnichean luathais a' triall chun nan cuantan
'S nan garbh-thonnan uain' bhios a' sluaisreadh mun
chòrs'.
Tha eunlaith
nan speuran a' seinn air an sgéith ann
Le aiteas gun bheud ann an réidheachd 's an
ceòl,
Ag itealaich sgèimheil cho bòidheach san iarmailt
'S a' caithream gu'm miann am measg riolainn is neòil.
Tha lochannan
fìoruisg' aig bonn nam beann sìon-bhuailt',
Gur pailt lachainn riabhach ag iadhadh mun òb;
Tha am breac ann ri iasgach, gum faigh thu gu d' mhiann e -
'S gur taitneach am biadh e 's e riaraicht' air bòrd.
Nuair thig
àm h-Éill Pàdraig is aimsir na h-àilleachd
Bidh dìtheanan àghmhor a' fàs feadh an
fheòir;
Bidh 'n t-sòbhrag 's an cluaran ag òradh nan cluaintean
'S bidh ceileir na cuaich' mar as dual san t-seann
nòs.
Ged a tha mi
fàs aosta 's mo bheachdan air caochladh
Cha leig mi le baobhachd bhith 'g aomadh 'nam
chòir,
Bidh subhachas daonnan ag iadhadh mo smaointean
'S bidh réimis gun daors' cumail faondradh air bròn.
An uair
ghlacas am bàs mi aig deireadh mo làithean
Le carthannachd chàich théid mo chàramh fon
fhòd
Ann an ìochdar Chnoc Hàllainn am fianais na tràigh-ghil
Far an caidil mi 'n sàmhchair am measg nàbaidhean m'
òig'.
|