Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

  

Chì Mi Bhuam

Chì mi bhuam, chì mi bhuam, 
     Chì mi bhuam ann na seallaidh - 
Chì mi monaidhean fo fhraoch, 
Chì mi aonaich is bealaich.

'Na mo shuidh' air mullach stùc 
     Anns an ùr-mhadainn earraich 
Chì mi seallaidh ann mun cuairt 
     A bheir suairceas gu m' aire.

Chì mi Hiort a-muigh san iar, 
     Dachaigh eunlaith na mara, 
Cath ri tonnan glas' a' chuain 
     Nuair thig luasgan sa ghaillinn.

Chì mi Éirisgeigh nam flùr, 
     Chì mi null Eilean Bharraigh; 
Chì mi Chuiltheann 's Bùird MhicLeòid - 
     S tric na sgòthan gam falach.

Chì mi beanntan creagach Rùm, 
     'S air a chùl Eilean Chanaigh; 
Chì mi Tiriodh ghorm nan cluan - 
     Tìr bu dual do luchd-ealain.

Chì mi mainnireach chruidh-laoigh 
     Air gach taobh anns a' mhonadh, 
Cuimhneachain na tìm a bhà - 
     Measgadh càs agus sonais.

Chì mi aibhnichean 'nan still 
     Triall troimh ghlinn chun a' chladaich, 
Chì mi eunlaith air an sgéith 
     Cur air ghleus an cuid caithreim.

Chì mi guilbnich agus naoisg, 
     Cearcan fraoich agus lachainn, 
'S air gach bealach chì mi chuach 
     Tighinn thar chuantan gu'r n-amharc.

Chì mi churracag bhreac le sunnd 
     Cur na smùid dhith san adhar, 
Teachdaire nan roghainn sgeul 
     G'eil 'nar déidh fuachd is gailleann.

Chì mi long a' dol troimh chaoil 
     Cath ri gaoir-gheal na mara, 
Gillean sunndach innt' air bòrd 
     Dol thar bhòids' air an aineol.

Chì mi rìbhinn an fhuilt òir - 
     S tric a bòidhchead air m' aire 
'S i cho snuadhmhor ris an ròs 
     Bhios fo òg-dhriùchd na madainn.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West