Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

  

Creag na Cuthaig

            Ge b'e có dhìreas ri aodann 
            Glaic an Daimh nan cruaidh-lusan, 
Chì e sealladh dhen dùr-charraig ghròbaich 
            A sheas ris na dùilean, 
            'S don ghaillinn cha d'ùmhail - 
'S cha d' chuir drannadh na dùbhlachd ort fògairt.

            Cha d' chuir òglaidh' na tuath-ghaoith 
            Ana-ghoireas 'nad ghruaidhean 
Ged a shéideadh i cruaidh ann an deòthais; 
            Tha thu teann air do stéidhe 
            'S don onagaid cha ghéill thu 
Ged as tric bhios i geur-lean' le dòileas.

            Tha thu daingeann air d' ùrlar 
            Le greim teann air a' ghrunndail 
'S chan eil lapaich' na lughdaich' 'nad dhòrnan: 
            Tha thu foghainteach làidir 
            'S cha chuir aimsir glas-làmh ort 
A dh'ainneoin seicleadh as ascaoin aig Aeòlus.

            S iomadh geamhradh is faoilteach 
            Le'n cuid lann-ghathadh faobhrach 
A thug ionnsaigh le gaorradh mu do sheòmair, 
            A' maoimeadh do stialladh 
            Is cur ás dhuit le'n dìorras, 
Le anastachd fhiadhaich gun tròcair.

            An uair a dh'fhalbhas an dùbhlan 
            'S aimsir aingidh na h-ùpraid 
Bidh uallachas ùr mu do sheòmair, 
            Thig gathannan gréin' ort 
            Thar mullaich nan sléibhtean 
'S bidh thu sgéithte le éideadh bhios glòrmhor.

            Bheir an t-earrach dhuit ùire 
            Le cleòca dhe fhlùran 
A chuireas dreach agus mùirneachd na h-òig' ort; 
            Bidh do thrusgan cho àillidh 
            Le dathan uain' agus sgàrlaid, 
Bheir thu buaidh am measg chàich ann an òirdheirc'.

            Bidh an t-sòbhrag chiùin mhàlda 
            Le aoibh a' cur fàilt' ort, 
Bidh an cluaran a' fàs ann le cholgan; 
            Bidh dìtheanan briagha 
            Nan cuairteanan iadhshlait 
'Nam brat-ùrlar air bhialaibh do chomhair.

            Bidh eunlaith na h-àirde 
            Le ceòl a' cur fàilt' ort 
Anns a' mhoch-mhadainn thràth 's anns a' ghlòmainn, 
            Bidh crònan a' chaochain 
            Air a thuras troimhn chaol-ghleann 
Mar channtaireachd chaomhach na ceòlraidh.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West