|
Creag nan
Sealbhag
'Na suidhe
balbh neo-léirsinn9each fo Éiseabhal nan stùc
Tha charraig ghruamach gheur-bhacach fo éideadh allaidh cùmt',
'S ge b'e có bhaist 'nad leanabas thu gun d' dhearbh e géire sùl'
Nuair thug e Creag nan Sealbhag ort - an t-ainm a dhearbh do chliù.
An uair thig
bòidhchead samhraidh ort gun tilg thu 'ghreann ud bhuat,
Is nochdaidh tu gun d' phlanntaich thu air ais gu Bealltainn nuadh:
Beathaichidh an ùr-mhadainn gach flùr tha ort mun cuairt
Is sgeadaichidh an t-sealbhag thu le trusgan dealbhach uain'.
Cha spìocair
thu 'nad sheòmraichean, tha cùirteas pailt 'nad phàirt,
Bidh cuirmean dhe gach seòrsa aig na h-eòin tha ort a' tàmh;
Bidh uiseagan is smeòraichean ri ceòl sa mhadainn thràth -
'S 'nam measg bidh guth na cuaiche tighinn air chuairt oirnn thar an t-sàil.
Tha
fraoidhneas àlainn dhìtheinean air bàrr do chinn mar shròl,
Fàsaidh fail-chuach rìomhach ort is raineach rìoghail òg;
Bidh dris a' sreap ri d' chliathaichean gu smeur-phreasach le stòr
'S gur tric le inntinn shuaimhneach rinn mi 'm buain an làithean m' òig'.
Ged
shéideadh gaoth na h-iarmailt gu dìorrasach on tuath
Cha ghiùlain thu còt'-ìochdair air son do dhìon on fhuachd;
Dh'fhàg cumhachd nàdair tèaraint' thu o shìontanan gun truas
'S ma dh'fhàg siud ann am fiachan thu gun phàigh thu riadh mar dhuais.
Tha
ionaltradh aig caoraich 's crodh-laoigh a thig fo d' sgàth,
Do choibhneas cha tig caochladh air cho fads bhios fraoch mu d' bhàrr;
'S cho fads bhios ceò na h-iarmailt ag iadhadh ort mochthràth
Bidh salmadair nan sgiathan mu d' sgoran ciar' a' tàmh.
Ged a thriall
na nàbaidhean bha tàmhachd ort mun cuairt
(Thug deireadh réis gu sàmhchair iad fo ùspairn sàradh cruaidh),
Bu tric a rinn iad sùgradh gu sùrdalach mu d' bhruaich
'S tha thusa 'n-siud mar dh'fhàg iad thu fo sgàil nan toman uain'.
|