Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Cuairt Dhòmhnaill Iain feadh nan Gleann

Thug mi chuairt feadh nan cluaintean bòidheach, 
Na glinn 's na h-uain'-chnuic tha smuadhmhor còmhdaicht', 
A-mach Glaic Ruairidh 's mu chuairt na Sròine 
Gu Meall nam Bùthan 's a-null na h-òban.

Na Creagan Gorm' agus Meall an Iasgaich 
Nan sealladh àghmhor fo bhlàthan briagha: 
Sgòrr an Fhéidh ann fo reubadh shìontan 
'S e giùlain cleòca de cheò na h-iarmailt'.

Tha Rubh' na h-Òrdaig 'na charraig ùdlaidh 
A' cumail còmhstri ri dòrnadh dhùilean: 
Na creagan cruaidh' aig a' chuan ga sgùradh 
Le doineann throm tighinn á com nam brùchd-thonn.

Ged s corrach cas Glaic an Daimh ri dìreadh, 
Tha sealladh àghmhor bho bhàrr a cìrein; 
Bidh fonn neo-bhruaillein a' gluasad d' inntinn 
A' cluinntinn uainneart is buaireas strìtheil.

Tha monmhair aibhne a' ruith troimh Gharbh-Shlios 
Mar cheòlraidh dhrùidhteach is ciùineachd seanchais, 
Mar dhoimhne aoibhneachd air aodann leanabain 
'S mar dhriùchd a' crùnadh nam flùr san anmoch.

Tha Gleann Gorm agus Glaic a' Chìobair 
Mar bha iad riamh bho chian nan linntean 
Gu fàsgadh tèaraint' ri sìontan millteach - 
'S bidh chaora bhàn faighinn sgàil bhon dìl' ann.

Tha Rubh' a' Mhoil far am pailt an eunlaith 
Cur mìle fàilt' ort le bàidh is ciatachd; 
Bidh 'n fhaoileag bhàn tric a' snàmh gun fhiamhlachd, 
A' sireadh beòshlaint m'a chòrs' ag iasgach.

Far mo chuairt feadh nam bruach gun thill mi 
Gu cadal suaineach air cluasaig mhìn-gheal; 
Rinn mi dùsgadh le sunnd 's toil-inntinn 
'S fhuair mi peann 's mar a bh' ann gun sgrìobh mi.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West