|
Cuairt a
dh'Eilean na h-Òige
Ged a ghlac
an aois mi
'S gach gaoid a tha 'na treòir,
'Nam measg gun tàinig caochlaidhean
Thug faochadh dha mo sheòrs':
Chan fheumainn ràimh no taoman
No gaoth a bhith 'nam sheòl
Gus m' aiseag thar a' chaolais
Gu eilean grinn na h-òig'.
Thug carbad
chun na Lùdaig sinn
'S le sunnd chaidh sinn air bòrd
An eathair làidir lùthmhoir
Tha fo stiùireadh a' ghill' òig';
Nuair thug e chun an fhuaraidh i
'S a ghluais i mach bhon chòrs'
Bha 'n ataireachd fo gualainn
Dha mo chluasan-sa mar cheòl.
Ràinig sinne
Éirisgeigh
Air feasgar réidh gun sgòth
'S gu h-aithghearr chaidh ar gàirdeachadh
Air càirdean sean is òg;
Ged bha mòran chuireadh fonn orm
'Nan cadal trom fon fhòd,
Le bàidh gun deach an cuimhneachadh
Nuair fhuair sinn cruinn mun bhòrd.
Tha
seanfhacal ag innse dhuinn -
Is fìrinneach an sgeòil -
"Na cnuic cha dèan iad gluasad,
Ach coinnichidh sluagh sinn beò."
S tric bhios e 'na bhuannachd dhuinn
Ar dualchas bhith mar as còir,
Is suim thoirt dha na subhailcean
Tha fuaight' rinn bho ar n-òig'.
Chaith sinn
oidhche chiatach ann
Is bha gach sìon air dòigh:
Bha pailteas deoch is biadh againn
Is sgeulachdan gu leòr;
Bha dannsaireachd is pìobaireachd
Is rìbhinnean bu bhòidhch' -
'S nach sona thu, Dhòmhnaill Ruairidh,
Bhon a bhuannaich thu bhean òg!
|