|
Fuaim an
t-Sàile
Chan eil
ceòl a thig gu m' chluasan
As binne leam na fuaim an t-sàile,
Crònan iorghailleach an t-srùthlaidh
'S e ri diùbhrais air an tràigh ann.
Guth nan
eilthireach ri chluinntinn
Anns na tuinn tighinn chun na tràghad,
Dùrachdan gan cur le dìlse
Chun na tìr' a rinn iad fhàgail.
Anns na
briathran gheibh sinn mùrcais,
Gheibh sinn tùirse anns an fhàilte;
Gheibh sinn mulad anns an dùrachd -
Ionndrainn a tha dlùth do nàdar.
Ionndrainn
air na cnuic 's na cluaintean
A tha dualach do gach nàistinn -
Far 'm bi freumhaichean ar dùthchais
Sann as dlùithe bhios ar càirdeas.
Far bheil
freumhaichean an sinnsear
Far an deach sa chill an càramh,
Far 'n do chuireadh a' chiad ùir orr'
'S far an dùisg iad air là àraid.
Far 'm bu
tric iad air an glùintean
Dèanamh ùrnaigh uile-ghràsmhor,
Far 'n do dh'ionnsaich iad gach ùmhlachd
Thug troimh iomadh cùis iad sàbhailt'.
Far an cual'
iad iomadh sgeula
San taigh-chéilidh ann an nàbachd -
Comhairlean an t-seann duin' shìobhalt'
Air am mìneachadh gu bàidheil.
Bhon se
annrath agus cruaidh-chàs
Chuir gu gluasad iad thar sàile,
S tric air ais a' tighinn an smuaintean
Far bheil sìth nam buadh is àiteas.
|