Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Glaic Ruairidh

O fàilt', a ghlaic as dreachmhor snuadh 
     Far 'n d' ghluais mi 'n làithean m' òig', 
Far 'n robh mi leum air feadh nam bruach 
     Gun ghruaman no gun bhròn; 
Am measg an fhraoich air aodann bheann 
     Is ghleann mu'n iath an ceò, 
Far 'n cluinnear monmhair bhinn nan allt 
     Cur steall air feadh nam fròg.

O, siud na làithean a bha saor 
     'S a bhios 'nam smaoin ri m' bheò 
An uair bha m' inntinn réidh gun daors' 
     Mar naosg air feadh an fheòir; 
Mus do dh'fhiosraich mi gach gaoid 
     Bhios daonnan a' tighinn òirnn 
'S mus tàinig coimhicheas an t-saoghail 
     Le thuiltean gaoir 'nam chòir.

Gur sgapt' an-diugh air feadh gach taoibh 
     An comann aoigheil còir 
A b' àbhaist bhith cluich air feadh an fhraoich 
     Cho aotrom ris na h-eòin - 
Tha cuid 'nan suain san dachaigh bhuain 
     Fo ghlasan fuar nam bòrd 
Nach till air ais gu bràch air chuairt 
     Do ghleannan uain' nan còs.

An uair thig mìos na Bealltainn Màigh 
     Gur àghmhor bhios gach flùr 
Air feadh nan glaic a' teachd ri fàs 
     Gar gàirdeachas le sunnd; 
Bidh lusan maoth air feadh nan cluan 
     Cho òrail snuadh fo dhriùchd, 
Is còisridh ghrinn nam measgadh teud 
     A' gleusadh a cruit-chiùil.

Bidh biolair uain' as bòidhche snuadh 
     A' fàs mun cuairt nan lòn, 
Bidh dail-chuach eireachd, seud nam bruach, 
     'Na shuaithneas measg an fheòir; 
Gach lus bheir beòshlàint dha do smaoin 
     Air feadh gach taoibh 'nan glòir - 
An t-sòbhrag 's frith-raineach nan cluan, 
     'S 'nam measg bidh 'n cluaran òir.

Gur tric a théid mi mach air chuairt 
     'S a bheir mi ruaig mun chrò - 
Bidh na cnuic 's na tomain uain' 
     Ag ath-nuadhachadh dhomh m' òig' 
'S a' toirt air ais nan làithean saor' 
     'S na faoineasan gun ghò 
Is cleachdaidhean an òg-ghnàiths fhaoin 
     A dh'fhalbh mar sgaoileas ceò.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West