Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Ina

Gur e mis' a th' air mo dhòigh - 
     Ghabh Rìgh na Glòrach truas rium 
An uair a fhuair mi Rìbhinn Bhàn 
     A chumas blàth bhon fhuachd mi.

Anns a' mhadainn nì i tea 
     'S gun sgrìob i mach an luath dhomh, 
Glanaidh i dhomh pìob an stòbh - 
     Gach sìon air dòigh mun gluais mi.

Deasaichidh i biadh air bòrd, 
     Brot is feòil mar as dualach; 
Aig deireadh seachdain gheibh sinn iasg, 
     Is botal fìon air uairean.

Tha gach cùis a' tighinn ri m' chàil, 
     Rinn cuibhl' an fhàbhair gluasad - 
Pension agus scratch card 
     Is rìbhinn bhàn air cluasaig.

Mìle marbhphaisg air bhith faoin, 
     Tha iomadh gaoid 'na ghluasad; 
Na chuir mi shìol an làithean m' òig' 
     Bhiodh coirce 's eòrn' gam buain leam.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West