Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Loch Cheàrsanais

Gur lòghmhor ort dearcadh fo leargainn nam fuar-bheann 
     'S an ceò tighinn a-nuas ort bho ghuaillean na h-àird'; 
B'e roghainn fear sùl-bheachd bhith dlùth dha do bhruaichean - 
     B'e tiompanachd luachmhor dh'a chluasan bhith 'd phàirt.

Nuair a dh'éireas a' ghrian anns a' chiat'-mhadainn bhòidhich, 
     Cur sgàile na glòir ann an òr-bheirt a cuairt, 
Cha cheil i do roinn ort, tha thu 'n oighreachd a còirean - 
     Mar a dhearbhas a' choirill aig na h-eòin mu do bhruaich.

Tha coimhcheangal cho làidir aig nàdar ri d' ghuaimeas 
     Fo fhàsgadh nam fuar-bheann is uaigneas nan gleann; 
Gheibh eunlaith caomh-chàirdeas am fraoch-sgriachain do bhruachan: 
     Bho chunnart an turgain gheibh iad suaimhneas nach gann.

Bheir an lacha gu ìre le dìcheall a h-àlach, 
     Bidh an fhaoileag a' snàmh ort ri blàths agus fuachd; 
Bidh chearc-uisg' tighinn far faicill gu trabhaich d' oirthire 
     'S gur tric corra-ghritheach le slìob-cheum mu d' bhruaich.

'N àm don ghealaich bhith 'g éirigh air réiteachd a cuairtean 
     'S i deàrrsadh a-nuas ort le buaidhean an àigh, 
Bidh sàmhchair is sìochaint mu chrìochan Glaic Ruairidh 
     Far 'n do dh'fhiosraich mo chluasan-sa fuaim a' chiùil àird.

Bidh cuimhneachain taitnis ann an taisgeadh mo smuaintean 
     Mu d' òban tha cuartaichte le fuar-bheanntan àrd' - 
Far 'n do ghrunnaich mi casruisgt' air beag airsteal no gruaman 
     B' fhada guilm na truaigh' anns an uair bho mo dhàil.

 

Listen to this poem being read by the bard.

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West