Maighdeann
Ghrinn Loch Cheàrsanais
Si maighdeann
ghrinn Loch Cheàrsanais a dhùisg an-dràst' mo cheòl
'S gun sgrìobh mi anns a' Ghàidhlig mu h-àilleachd is a bòidhch':
Gu sunndach loinneil rìomhach i 's i sìobhalta gun phròis
Mar ghathan blàth' gréine madainn chéitein a' tighinn òirnn.
Tha
cridhealas an t-samhraidh 'nad ìomhaigh choibhneil chòir,
Mar dhealt air bhàrr nam flùran tha bilean rùin do cheòil;
Mar rionnag anns an iarmailt air oidhche bhriagha reòdht'
Tha deàrrsadh do shùilean a' toirt ar sùgradh beò.
Gur binne
leam do chòmhradh na crònan uillt nam beann,
Cho fonnmhor ri smeòrach tha cur ceòlraidh feadh nan gleann;
Do dheud mar shneachd san fhaoilteach 's mar fhaoileag air bhàrr thonn
'S mar chanach ùr air mòintich nuair tha 'n t-Ògmhios a' tighinn teann.
Mar
bhogha-frois san Lùnastail tighinn dlùth ri àm na buan'
Tha do chuailean rìomhach 's na cìrean dol 'na dhuail;
Tha aoibh is dreach tha sònraichte a' còmhdachadh do shnuaidh -
Gun dealbhaich mi 'nad bhòidhchead thu ri ròsan anns na cluain.