Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Mairead Chaimbeul

Nach fortanach fear chì le shùil 
   An tlachd tha 'n gnùis na h-ainnir 
Tha tàmh an Uibhist ghorm nan stùc - 
   Tìr àghmhor ùire meala.

An t-eilean bòidheach muigh san iar 
   Far 'm miann leinn a bhith fantainn, 
Far 'n cluinn sinn crònan a' Chuain Shiair 
   Tighinn iargaltach gu cladach.

Tha a cuailean dualach, dùthchas bòidhch', 
   Cur roinn na glòir' 'na pearsa; 
Tha sìth tha deilbheadh bunait gràis 
   A' snàmh 'na dà shùil thlachdmhoir.

Bidh Sligh' Chloinn Uisn' air oidhche reòdht' 
   A' dòrtadh dòchais pailt dhomh 
'S a' dealbhadh ìomhaigh na mnà òig' 
   Troimh dhuibhre neòil an airsneil.

Tha thu mar shoillseadh coinneil òir 
   Cur loinn air bòrd a' chaisteil, 
A' lìonadh aitreabh mhór nan seud 
   Le fonn air ghleusadh aiteis.

Se còmhradh ciùin o d' ghrinn ròs-bheul 
   A stiùireadh creuchdan fad bhuam 
Mar shéist a' chiùil tha siùbhlach réidh - 
   S tu iùl Deò-Ghréin' 'na taisbean.

Tha sunnd 'nad shaltairt air a' bhlàr 
   'S bidh fonn air sràid 'nad chascheum; 
Tha furan taisgte riut o d' thùs 
   Mar ghàrradh fhlùr ùr-dhathte.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West