Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Màiri

Gun sgrìobh mi a' Ghàidhlig bhios bàidheil is fallain 
     Mu bhòidhche na cailin as mais' ann an snuadh - 
Chan fhiosrach leam aon té san t-saoghal air thalamh 
     A dhùisgeadh fear ealain cho ealamh gu duan.

Taobh a' Chaolais rinn d' àrach gu tràth 'na do leanabh, 
     Thug oiteag na mara dhut fallaineachd bhuan; 
Chuireadh gàirich nan tonn thu gu trom 'na do chadal 
     'S do dhùsgadh sa mhadainn cho fallain gun ghruaim.

Tha eachdraidh mun chaolas a dh'fhaodainn dhuibh aithris 
     Mun t-saoghal chaidh seachad is gàbhaidhean cuain 
Nuair bhiodh Ruairidh mac Nìll a' cur still á cuan Bharraigh 
     'S a bhirlinn a' gearradh chìrean geala nan stuadh.

Ach tillidh mi 'n-dràst' a chur fàilt' air a' chailin, 
     Na gorm shùilean meallaidh 's na mala gun ghruaim, 
Na bilean as blàitheadh a tharraing a-steach anail 
     Bhon tig còmhradh is caithream a tha taitneach do m' chluais. 

Troigh chòmhnard air ùrlar gu sunndach le faram, 
     Do chalpannan geala chuireadh sradag 'nam bhuaidh; 
Nas àille na flùr tha ùr-dhreach na h-ainnir, 
     'S tha caomh-ròs na madainn a' lasadh 'na gruaidh.

Tha h-ìomhaigh cho caoin-gheal ri faoileag na mara 
     A th' air faondrachd gach latha fo chathadh nan stuadh, 
Mar ghrian dol don iar 's i triall ás ar sealladh 
     Sa chuan siar dol ga falach air ais air a cuairt.

Mo bheannachd gad ionnsaigh 's falbh thugad dùbailt' 
     Gu dùthaich nan dùbhghall a-null thar a' chuain 
Bho dhùthaich na Gàidhlig far an òg fhuair thu d' àrach - 
     Far 'm bu tric 'na cheòl tàlaidh dhut gàirich a' chuain.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West