Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Mar a dh'Fhiosraich Mi Thu

Mar a dh'fhiosraich mi thu sann dh'inn's mi do chliù do chàch, 
Se 'n gàire 'nad shùil teudan mo chiùil an àird. 
Có nach ìobradh a smaoin do mhaise 's do dh'aoibh cho àrd? 
'S leugh mise 'nad ghnùis nì nach dealaich gu'm mùch mo là.

Se mac-meanmna mo smuain le mànranachd aotrom réidh 
Chuir mo long tron a' chaol le siùil gheal' agus gaoth 'na déidh; 
Marbh-shruth bhith fo sròin gu marbhanta còmhnard sèimh - 
A nì m' aiseag le sunnd gu m' acarsaid rùnach fhéin.

A' ghaoth tha triall thar a' chuain, thoir beannachdan bhuam a-null 
Is aiseag mo sgeul le sealbh is deagh-ghean 'na cùl, 
Air a liubhair le bàidh is guidhe cho blàth is rùn - 
Lìonmhorachd ròs agus liosan nas bòidhche na ubhal.

Gach sòlas bhith snàmh mar eala air bhàrr nan stuadh, 
Gach snas agus séist mar eunlaith nan speur gun ghruaim, 
Mar shòbhrag nan allt bheir an t-earrach a-nall air chuairt - 
No maighdeann na Tròidh a chur luingis air sheòl gu cuan.

Tha 'n t-acair sa ghrunnd air a' ghrinneal gu dlùth 's cha ghluais, 
Chan eil feum air na siùil, tha iad paisgte dlùth gu cruaidh; 
Thig gu deireadh gach cùis, tha chuibhle le sunnd dol mun cuairt 
'S chì mise gu m' dheòin - mar a chunnaic - an ròs 'nad ghruaidh.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West