|
Mo
Dhùrachd Thu Thilleadh
Mo dhùrachd
thu thilleadh,
Mo dhùrachd thu thilleadh,
Mo dhùrachd thu thilleadh
A-nall thar an
t-sàil
Gu Uibhist nam fuaran
'S nan àrd-bheanntan gruamach -
An t-eilean beag uaine
Tha cuartaicht' le sàl.
An t-eilean
beag bòidheach
A dh'àraich 'nad òig' thu
Far an cluinneadh tu còisir
Is crònan an làin
Is ceilearadh ceòlmhor
Na h-uiseig 's na smeòraich
A' cumail gach bròn bhuat
'S cur sòlas 'nad
phàirt.
Gu bheil sinn
gad ionndrainn
On dh'fhàg thu an dùthaich
'S a sheòl thu, a rùin, bhuainn
A-null thar an
t-sàil:
Gach beannachd gad ionnsaigh
'S tu thilleadh gu sunndach
Gu Uibhist nan stùcan -
Òg dhùthaich do
ghràidh.
B'e samhladh
don ròs thu
Á gàrradh nan neòinean,
B'e 'n driùchd far an fheòir thu
San òg-mhadainn
Mhàigh;
B'e 'm fuaran ri òl thu
Measg chluaintean na mòintich,
S tu 'n rìbhinn as bòidhche
Chuir bròg air a sàil.
Bhon fhuair
mi ort eòlas
'Nad mhàldaig bhig bhòidhich
Bha sìth agus sòlas
'Nad òg-shùilean
blàth;
Se deàrrsadh na gréine
San ùr-mhadainn chéitein
An dealbh nì mi fhéin dhiot,
Òr-sheud nam bas bhàn.
|