Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Na Solais Ùra

Ged tha geamhradh gruamach aognaidh 
Eadar dùbhlachd agus faoilteach, 
Tillidh earrach grinn le aoigheachd 
               'S cha bhi cuimhn' air gaoir na gaillinn.

Ged nach eil an gleann cho beòthail 
'S a bha e ann an làithean m' òige, 
Tha sradag ùr air tighinn 'nar dòchas 
               Gum bi ceòlraidh againn fhathast.

Thàinig solais ùr' 'nam fhianais 
Le'n cuid boillsgidh a tha briagha: 
Chì mi bhuam iad anns a' chiaradh 
               'S chì mi ciatach iad sa mhadainn.

Chì mi soillseach iad a' deàrrsadh 
Mar reul-dhruidh a' tairgsinn fàilte, 
Mar am fuaran anns an fhàsach 
               Don fhear phàiteach fad' bho chala.

Chan fhiosrach leam nì cho sunndach 
No cho taitneach dha ar sùilean 
Na bhith faicinn toit a' smùideadh 
               Is solais ùra tighinn don bhaile.

Bidh Ceit Màiri agus Flòraidh 
Cur nan cùirteanan an òrdagh: 
Iad am-bliadhna dol air fògradh - 
               Dol a chòmhnaidh dhan pholl chreadhaidh.

Thàinig Angela le ar dùrachd 
'S thàinig Moira ann bho dhùthchas: 
Thug iad soilleireachd as ùr dhuinn - 
               Thug iad sunnd dhuinn agus aighear.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West