Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Orasaigh

Air iomall fiadhaich de cheann an iardheas 
     A dh'Uibhist ghrianach mu'n iadh an sàile 
Tha 'n t-eilean ianach nan creagan ciar-chas 
     An nàbachd crìoch ri Cuan Siar nan gàir-thonn.

Ged bhios Neiptiun a' maoimeadh daonnan, 
     Cha d' chuir e gaoid 'na do chaol-dhruim làidir - 
Sheas thu suas ri gach fairge bhaoghail 
     A bhrist ri d' aodann le faochainn thàireil. 

Nam biodh na daoine a threabh gach taobh dhiot 
     'S a dh'fhiosraich gaoid ann an saothair beòshlaint 
Fad oidhche geamhraidh mun chagailt céilidh 
     Gur mì a dh'éisteadh ri sgeul an còmhraidh.

Tha lorg an t-sealgair gu pailt ri cunntadh 
     Measg chreagan ùdlaidh aig tiùrr do chòrsa - 
Is iomadh diùnlaoch le ghunna dùbailt' 
     A choisich sunndach a-null an dòirlinn.

Nan d'fhuair thu tàlann gu bruidhinn Gàidhlig 
     Bhiodh eachdraidh chàirdeil le bàidh 'nad chòmhradh; 
Gur pailt an t-Hàllann tha ùir is cnàmhan 
     Nam fuireann làidir bha snàmh mu d' òban.

Tha tràigh de ghainmhich air dhath an airgid 
     Is bàigh tha ainmeil le dealbhach' bòidhche; 
Do mhullach cruthail air chumadh dùn-lios 
     Fo chuibhrig fhlùran 's an driùchd gan òradh.

An àm an t-samhraidh bidh crònan tìoma 
     Aig toiseach lìonaidh a' tighinn gu d' chòrsa, 
'S an àm a' gheamhraidh aig toiseach tràghaidh 
     Bidh nuallain làstail aig gairge bhòc-thonn.

Ri stoirm an fhaoiltich bidh 'n fhairg' 'na taom-bhoil 
     A' gleacadh faobhair ri d' aodann gròbach; 
A dh'olc na dh'éiginn cha d'rinn thu géilleadh, 
     'S cha d' ghluais do stéidh ri séideadh Aeòlus.

Tha ealtainn sgèimheach mu d' sgorran iom-sgoilt', 
     Thu dhaibh 'nad dhìon-àit' bho shìontan fògairt; 
Bidh ròn gu h-uallach air bhàrr nan stuadh-ghlas - 
     Tha 'n tìr 's an cuan ann an dual a bheò-bhith.

Bheir àm h-Éill Pàdraig dhut trusgan àraidh, 
     Bidh brat de bhlàthan 'nan àill gad chòmhdach 
Bidh ceòl na cuaiche ga mheasg ri suaimhneachd, 
     Is thig luchd cuairt thar a' chuain gad fheòrachd.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West