|
Ròs na
Mórchuis
Gur tu mo
chéitean 's mo ghrian ag éirigh,
Gur tu mo reul anns na speuran àrda;
Gur tu chairt-iùil leis an dèanainn cùrsa -
S tu ailm mo stiùir 's is tu siùil mo bhàta.
S tu 'm flùr
as bòidhche am measg nan ròsan,
S tu 'm fuaran glòrmhor a dh'òlainn pàiteach;
S tu reul na h-oidhche a' deàrrsadh boillsgeach -
S tu fhéin an daoimean chuir loinn air m' fhàinne.
S tu as
gealach 's grian dhomh an speur na h-iarmailt,
S tu ghaoth an-iar dhomh gu ciatach slàinteil;
S tu madainn bhòidheach 's an dealt air neòinein
No feasgar glòrmhor 's na h-eòin cur fàilt' oirnn.
Mo bheatha s
tù, seadh mo bhiadh is m' aodach,
Mo bheachd, mo smaointinn, gach taobh an tàmh
mi;
Mo chadal suaineach thu air mo chluasaig -
Mo chombaist buan thu tro chuairt mo làithean.
A-cheart cho
bòidheach ri Eilidh Thròidh thu
A chuir gu seòladh luing-mhór nan àrd-chrann;
Mar shneachd' nan cruachan tha cneas na gruagaich
No eal' nan stuadhan nuair b' uaisle shnàmh i.
Mar long a'
seòladh, siùil ùr ga còmhdach,
Mar eilid bhòidheach measg ceò nan àrd-bheann;
Mar shòbhraig samhraidh air bruaich an alltain
No smeòrach ghreannmhor sa ghleann cur fàilt' oirnn.
Nuair thig an
geamhradh le stoirm is anntlachd
Bidh gruaim is greann air gach gleann is fàsach;
Se 'n deàrrsadh sunndach a tha 'nad shùilean
A chuireadh dùdlachd gun diù fo m' shàilean.
Mo bheannachd
buan leat gach taobh an gluais thu,
A rìbhinn uasal nam buadhan sònraicht',
'S ged s fhada bhuam thu bidh thu 'nam bhruadair -
'S gur tric mo smuaintean dol cuairt a Leòdhas.
|