Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Sgrìobhaidh Mi le Dùrachd mu Rùn na Té Òig Seo

Sgrìobhaidh mi le dùrachd mu rùn na té òig seo, 
Chan fhaca mi san dùthaich am flùr as bòidhche, 
Sgrìobhaidh mi le dùrachd mu rùn na té òig seo.

An Uibhist ghorm nan àrd-bheanntan 
A thogadh suas an t-àilleagan - 
Rìbhinn ghrinn nam blàth-shùilean a thug an àird mo chòmhradh.

Eilean gorm nan àrd-bheanntan, 
Bidh daonnan fuinn na Gàidhlig ann 
Cho fads bhios tuinn an t-sàile tighinn le gàir-gheal chun a' chòrsa.

Sgrìobhaidh mi san uair seo dhuibh 
Mu 'bòidhchead 's a snuadhmhoire - 
Tha falt dubh clannach dualach sìos mu guaillinnean ga còmhdach.

Tha fiamh a gàir' cho inntinneach 
Ri còisir-chiùil nam frìthean 
Nuair thig an samhradh dìtheanach air ais gu Tìr an Eòrna.

Gur gile leam an deud aice 
Na sneachd' air mullach Éiseabhail 
Nuair thig am faoilteach beucach le chuid ghéirid rinn a chòmhraig.

Tha aoighealachd ga cuartachadh 
'S i càirdeil bàidheil uallachais - 
Tha dearbhadh ann a gluasad gu bheil buaidhean aic' tha sònraicht'.

Tha mil nam flùr a' tàrmachadh 
'Na h-ìomhaigh aoigheil bhlàth-chridheach - 
Cho rìomhach ann ri màldaig a chuir m'a sàiltean brògan.

Tha h-anail air a cùbhrachadh 
Le measgachadh de chungaidhean: 
Cha cheannaich òr am bùthan iad - bho dhùthchas thig an seòrsa. 

Mo dhùrachd théid an-dràst' 'uic', 
Mo dhòchas gura làidir e
Gun dèan am freastal fàbhar rium a-màireach bhith 'na còmhair.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West