Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Siubhal Chluaintean

     Tha iomadh suaimhneas am measg nan cluan seo 
Nuair théid thu cuairt feadh nan uain'-chnoc bòidheach: 
     Gach lus cho ùrail fo dhriùchd an t-samhraidh 
'S gun chuimhn' air geamhradh no àm na reòdht-ghaoith'.

     Gach nì cho àghmhor le sìth is sàmhchair 
Measg ghlinn is àilean is shrathan còmhnard; 
     Am fraoch 'na loinn ann an soills' na gréine 
Cur sunnd 'nad cheum siubhal sléibh nan ceò-bheann.

     Bidh crònan caochain le ealaidh caoinis 
Mar thàladh gaoil bilean caomh na h-òlachd 
     A' stiùireadh d' inntinn gu tìr na réite 
'S a' cur 'nad dhéidh tuailis eud an-dòchais.

     Tha fóghnadh rìomhaidh am measg nam frìth seo 
Le roghainn dhìthean tha cinntinn òrail; 
     Tha 'n cluaran-deilgneach 'na shuaithneas prìseil 
'S an t-sòbhrag ghrinn taobh an uillt cho glòrmhor.

     Ged nach eil àros no daoine tàmh ann 
Bha uair bha càirdeas is bàidh sna ceò-ghlinn, 
     Bhiodh fuaim a' chàrd' anns a h-uile fàrdaich 
'S bhiodh saothair bhrà bleith nan grànlach eòrna.

     Bhiodh càradh lìon ann le eòlas iasgair 
'S bhiodh cuidheall-shnìomha gu dian ri crònan; 
     Bhiodh buillean làidir gan toirt air spàl ann 
'S bhiodh mnathan làmhchair a' luadh nan clòithean. 

     Biodh aoibh is bàidh air an aodainn chàirdeil 
Measg sìochaint sàmhchair am bràigh nam mòinteach, 
     'S ged dhìobair foghlam dhiubh tiodhlaic chungaidh 
Bu deàrrsant' cliùmhor bha iùil an eòlais.

     Bha 'm beatha làitheil a' triall neo-eudach 
Bho mhochthrath éirigh gu réis na glòmainn; 
     Cha robh beairteas no stòr 'nan ùidh-san - 
Ach dhùin an sùilean an dùil ri sòlas.

     'N àm éirigh gréine thar slios nan cruadhlach 
Cur gathan snuadhmhor mun cuairt na mòintich 
     Cur sgàil na h-oidhche 'na dheann air chùlaibh 
'S a' toirt madainn ùr dhuinn le sùgradh dòchais.

     Ged duaichnidh eugnaidh a dhreach san fhaoilteach 
Bheir samhradh caochladh le chaomh-chruth òrail 
     Bidh eòin na h-àirde cur mìle fàilt' air 
Le roinn is dàin ann am blàths na ceòlraidh.

 

Printer friendly format

                   

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West