Smuaintean fo Eiseabhal
THOUGHTS UNDER EISEAVAL

Taobh Deas Loch Baghasdail

Taobh Deas Loch Baghasdail nan stùc 
   'S nan glaicean flùrach bòidheach, 
Am fasgadh Éiseabhal nan gleann, 
   'S nan easan cam 's nam frògan, 
Far an cluinn thu gaoir nan allt 
   A' ruith 'nan deann tron mhòintich 
'S far an cluinn thu gaoir nan eun 
   Mun éirich grian na glòir ann.

Far an cluinn thu gàir a' chuain 
   A' slapraich cruaidh san òban 
'S onfhadh gaoithe feadh nan cluan 
   Is seillean ruadh a' crònan; 
Far am faic thu lach a' snàmh, 
   I fhéin 's a h-àl ga steòrnadh, 
Far 'm faic thu canach feadh nan stùc 
   Cur brat geal ùr air mòintich. 

Chì thu bàtaichean air cuan 
   'S fir thapaidh chruaidh gan seòladh, 
Nach gabh geilt o stoirm on tuath 
   Le gailleann chruaidh gun tròcair; 
Ged a dh'atadh muir 'na glinn 
   Is marcachd-sìn' mar chòp-eas', 
Gu ruig iad leatha cala slàn 
   Á stàirneil a' chuain chròicich.

'N àm éirigh grian sa mhadainn thràth 
   Bidh dealt air bhàrr nan neòinean: 
Gach nì cho nàdarra mun cuairt 
   Le lusan snuadhmhor òrbhuidh; 
An ceò a' còmhdach bàrr nam beann 
   Is ùrlar gleann na mòintich 
Is ceilearadh aig eòin nan speur, 
   A' cur air ghleus an ceòlraidh.

Gur inntinneach bhith ann a' tàmh 
   Fo bhonn is sgàil nan ceò-bheann: 
Ged shéideadh i le stoirm on iar 
   Tha fasgadh 's dìon gu leòr ann; 
Chan eil éis air neach a th' ann, 
   Tha annlan de gach seòrs' ann, 
Tha sìth is sonas feadh nam bruach - 
   'S gur mór an luach seach òr e.

 

© Henry Marsh 2000-2008 Site developed by Adam West